Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh an sluagh an taois mun do ghortaicheadh i, an amaran-fuinidh ceangailte nan aodach air an guaillean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

3 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhuin iad den taois a thugadh a‑mach as an Eiphit breacagan neo-ghortaichte, oir cha do ghortaicheadh i; do bhrìgh gun d’fhuadaicheadh iad a‑mach as an Eiphit, agus nach b’urrainn iad fuireach, agus mar an ceudna nach do dheasaich iad biadh dhaibh fhèin.

Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh.

Cosamhlachd eile labhair e riu: Is cosmhail rìoghachd nèimh ri taois ghoirt, a ghabh bean agus a dh’fhalaich i ann an trì tomhaisean mine, gus an do ghortaicheadh an t‑iomlan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan