Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thugaibh leibh mar an ceudna ur treudan, agus ur buar, mar a thubhairt sibh, agus imichibh: agus beannaichibh mise mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus, mar an ceudna, air a’ chinneach sin don dèan iad seirbhis, bheir mise breith: agus na dhèidh sin thig iad a‑mach le maoin mhòir.

Nuair a chuala Esau briathran a athar, ghlaodh e le glaodh mòr, agus ro‑shearbh; agus thubhairt e ra athair, Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair.

Agus thubhairt Esau ra athair, Nach eil agad ach aon bheannachadh, athair? Beannaich mise, eadhon mise mar an ceudna, O athair. Agus thog Esau suas a ghuth, agus ghuil e.

A‑chum gun toir iad seachad tabhartasan deagh-bholaidh do Dhia nèimh, agus gun dèan iad ùrnaigh airson beatha an rìgh agus a mhac.

Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin.

Agus thubhairt Maois, Le ar n‑òigridh agus le ar daoine aosmhor thèid sinn; le ar mic agus le ar buar thèid sinn; oir is èiginn dhuinn fèill a chumail don Tighearna.

Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan