Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Labhraibh-se ri coitheanal Israeil uile, ag ràdh, Air an deicheamh là den mhìos seo gabhaidh iad dhaibh fhèin gach duine uan, a rèir taigh an athraichean, uan airson taighe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abrahàm, Gheibh Dia, a mhic, uan dha fhèin airson tabhartais-loisgte. Mar sin dh’imich iad cuideachd le chèile.

Agus thug Abel mar an ceudna de chiad-ghin a threuda, agus den saill. Agus bha meas aig an Tighearna air Abel agus air a thabhartas:

Agus thug Iosiah don t‑sluagh caoraich, uain agus minn, iad uile airson ìobairtean-càisge dhaibhsan uile a bha an làthair, gu ruig deich-mìle-fichead ann an àireamh, agus trì mìle damh: iad sin de mhaoin an rìgh.

Bidh am mìos seo dhuibh na thoiseach nam mìos: bidh e dhuibh na chiad mhìos na bliadhna.

An sin ghairm Maois air seanairean Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑mach, agus gabhaibh dhuibh fhèin uan, a rèir ur teaghlaichean, agus marbhaibh a’ chàisg.

Agus ma bhios an teaghlach ro bheag airson uain, an sin gabhaidh esan agus a choimhearsnach as fhaisge da thaigh e, a rèir àireamh nan anaman; gach duine, a rèir a itheannaich, àirmhear leibh airson an uain.

Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Carson a tha thu ag èigheach riumsa? Abair ri cloinn Israeil dol air an aghaidh.

Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.

Agus labhair Aaron na briathran uile a labhair an Tighearna ri Maois, agus rinn e na comharraidhean ann an sealladh an t‑sluaigh.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Anns a’ chòigeamh-bliadhna-fichead de ar bruid, ann an toiseach na bliadhna, air an deicheamh là den mhìos (b’i sin an ceathramh-bliadhna-deug an dèidh don bhaile a bhith air a bhualadh), air a’ cheart là sin bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑chum an àite sin mi.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma bheir duine sam bith agaibh tabhartas a dh’ionnsaigh an Tighearna, bheir sibh ur tabhartas den sprèidh, eadhon den bhuar agus den treud.

Agus bheir e leis a ìobairt-easaontais a dh’ionnsaigh an Tighearna airson a pheacaidh a pheacaich e, beathach boireann on treud, uan, no meann o na gobhair, mar ìobairt-pheacaidh: agus nì an sagart rèite air a shon a‑thaobh a pheacaidh.

Mar seo nìthear airson aon tairbh, no airson aon reithe, no airson uain, no minn.

Air an là màireach chunnaic Eòin Iosa a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e, Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!

Agus air dha amharc air Iosa, agus e ag imeachd, thubhairt e, Feuch Uan Dhè!

An sin thàinig Iosa, sia làithean ron chàisg, gu Betani, far an robh Làsaras a bha marbh, neach a thog esan o na mairbh.

Air an là màireach, air cluinntinn do mhòr-shluagh a thàinig a‑chum na fèille, gu robh Iosa a’ teachd gu Ierusalem,

Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son.

Anns a’ mhadainn, uime sin, bheirear cuideachd sibh a rèir ur treubhan: agus an treubh a ghabhas an Tighearna, thig e a rèir a theaghlaichean; agus thig an teaghlach a ghabhas an Tighearna, a rèir a thaighean; agus thig an taigh a ghabhas an Tighearna, a lìon fear is fear.

Agus nì iadsan uile, a tha nan còmhnaidh air an talamh, adhradh dha, aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar-beatha an Uain, a mharbhadh o thoiseach an t‑saoghail.

Agus ghabh Samuel uan deoghail, agus thug e suas e uile mar ìobairt-loisgte don Tighearna; agus ghlaodh Samuel ris an Tighearna airson Israeil, agus chuala an Tighearna e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan