Ecsodus 12:29Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh. Faic an caibideil |
Agus nuair a chruadhaich Phàraoh e fhèin, agus nach b’àill leis ar leigeadh air falbh, an sin mharbh an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon ciad-ghin duine, agus ciad-ghin ainmhidh; air an adhbhar sin, ìobraidh mi don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, mas fireann iad, ach uile chiad-ghin mo chloinne fuasglaidh mi.