Gun abair sibh, Seo ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air taighean chloinn Israeil anns an Eiphit, nuair a bhuail e na h‑Eiphitich, agus a shaor e ar taighean-ne. Agus chrom an sluagh iad fhèin, agus rinn iad adhradh.
Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh.
Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.
Agus dh’obraich Besalil agus Aholiab, agus gach duine glic-chridheach don tug an Tighearna gliocas agus tùr a thuigsinn cionnas a dhèanadh iad gach gnè obrach airson seirbhis an ionaid naoimh, a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna.
Mar sin chrìochnaicheadh uile obair pàillean bùth a’ choitheanail: agus rinn clann Israeil a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois; mar sin rinn iad.
Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus rinn iad mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna: agus thilg Aaron sìos a shlat an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, agus rinneadh i na nathair.
Agus labhair Maois ri cloinn Israeil, iad a thoirt leo esan a mhallaich, an taobh a‑muigh den champ, agus a chlachadh le clachan: agus rinn clann Israeil mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Eadhon den leth a bhuineadh do chloinn Israeil, ghabh Maois aon chuibhreann à lethcheud eadar dhuine agus ainmhidh, agus thug e iad do na Lèbhithich, a bha a’ gleidheadh cùram pàillean an Tighearna, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus rinn clann Israeil mar seo, agus chuir iad a‑mach iad an taobh a‑muigh den champ: mar a labhair an Tighearna ri Maois, mar sin rinn clann Israeil.
Agus bha Iosua mac Nuin làn de spiorad a’ ghliocais; oir chuir Maois a làmhan air: agus dh’èisd clann Israeil ris, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Agus thubhairt ise, A rèir ur briathran mar sin biodh e. Agus chuir i air falbh iad, agus dh’imich iad: agus cheangail i an stìom sgàrlaid anns an uinneig.
Agus rinn clann Israel amhail mar a dh’àithn Iosua, agus thog iad suas dà‑chloich-dheug à meadhon Iòrdain, mar a labhair an Tighearna ri Iosua, a rèir àireamh treubhan chloinn Israeil, agus ghiùlain iad leo thairis iad don àit anns an do ghabh iad tàmh, agus chuir iad sìos an sin iad.