Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun abair sibh, Seo ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air taighean chloinn Israeil anns an Eiphit, nuair a bhuail e na h‑Eiphitich, agus a shaor e ar taighean-ne. Agus chrom an sluagh iad fhèin, agus rinn iad adhradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ris a’ cho-chruinneachadh uile, A‑nis beannaichibh an Tighearna ur Dia. Agus bheannaich an co‑chruinneachadh gu lèir an Tighearna, Dia an athraichean, agus chrom iad sìos an cinn, agus thug iad urram don Tighearna agus don rìgh.

Agus chrom Iehosaphat a cheann, le a aghaidh gu làr; agus thuit Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, sìos am fianais an Tighearna, a’ dèanamh adhraidh don Tighearna.

Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh.

A Dhè, le ar cluasan chuala sinn, dh’innis ar n‑athraichean dhuinn an obair a rinn thu nan làithean-san, anns na làithean o shean.

Oir chuir e suas teisteas ann an Iàcob, agus shuidhich e lagh ann an Israel, a dh’àithn e dar n‑athraichean gun dèanadh iad aithnichte dan cloinn;

Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.

Agus mar seo ithidh sibh e; le ur leasraidh crioslaichte, ur brògan air ur casan, agus ur lorg nur làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; is i càisg an Tighearna a tha ann.

Agus thèid an Tighearna thairis a bhualadh nan Eiphiteach; agus nuair a chì e an fhuil air an àrd-doras, agus air an dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air an doras, agus cha leig e leis a’ mhilltear teachd a‑steach dur taighean gu ur bualadh.

Agus dh’fhalbh clann Israeil, agus rinn iad mar seo; mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois agus do Aaron, mar sin rinn iad.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Agus innsidh tu dod mhac anns an là sin, ag ràdh, Nìthear seo air sgàth an nì sin a rinn an Tighearna dhòmhsa, nuair a thàinig mi a‑mach as an Eiphit.

Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.

Agus rinn Maois deifir, agus chrom e a cheann ri làr, agus rinn e adhradh.

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son.

Uime sin ìobraidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia, den treud agus den bhuar, anns an ionad a thaghas an Tighearna a‑chum a ainm a chur an sin.

Chan fhaod thu a’ chàisg ìobradh an taobh a‑staigh aoin air bith ded gheatachan, a bheir an Tighearna do Dhia dhut:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan