Agus gun innseadh tu ann an cluasan do mhic, agus mac do mhic, na nithean a dh’obraich mi anns an Eiphit, agus mo chomharraidhean a rinn mi nam measg; agus gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna.
Agus teagaisgidh sibh iad dur cloinn, a’ labhairt orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.
Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa‑near bliadhnachan nan iomadh ginealach: fiosraich ded athair, agus nochdaidh e dhut; ded sheanairean agus innsidh iad dhut.
Nuair a dh’fhiosraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod as ciall do na teisteis, agus do na reachdan, agus do na breitheanais a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuibh?
Agus teagaisgidh tu iad dod chloinn, agus labhraidh tu orra nuair a shuidheas tu ad thaigh, agus nuair a dh’imicheas tu air an t‑slighe, agus nuair a laigheas tu sìos, agus nuair a dh’èireas tu suas.