Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gleidhidh sibh an nì seo mar òrdagh dhuibh fhèin agus dur mic gu sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus cumaidh sibh fèill an arain neo-ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Eiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh.

Agus tàrlaidh, nuair a thèid sibh a‑steach don fhearann a bheir an Tighearna dhuibh, a rèir mar a gheall e, gun glèidh sibh an t‑seirbhis seo.

Air an adhbhar sin coimheadaidh tu an t‑òrdagh seo na thràth fhèin o bhliadhna gu bliadhna.

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan