Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gabhaidh sibh bad hiosoip, agus tumaidh sibh e anns an fhuil a tha anns an t‑soitheach, agus beanaidh sibh don àrd-doras, agus don dà ursainn, leis an fhuil a tha anns an t‑soitheach: agus cha tèid a h‑aon agaibh a‑mach air doras a thaighe gu ruig a’ mhadainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Glan mi le hiosop agus bidh mi glan; ionnail mi, agus bidh mi nas gile na sneachd.

Agus gabhaidh iad den fhuil, agus cuiridh iad i air an dà ursainn, agus air àrd-doras nan taighean, anns an ith iad e.

Thig, O mo shluagh, imich a‑steach dod sheòmraichean, agus druid do dhorsan mun cuairt dhut; falaich thu fhèin car tamaill bhig, car tiota, gus an gabh a’ chorraich thairis.

Agus gabhaidh duine glan hiosop, agus tumaidh e anns an uisge e, agus crathaidh e air a’ bhùth e, agus air na soithichean uile, agus air a’ mhuinntir a bha an sin, agus airsan a bhean ri cnàimh, no ri neach a mharbhadh, no ri aon marbh, no ri uaigh:

Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann-ola.

Tre chreideamh ghlèidh e a’ chàisg, agus an dòrtadh fala, a‑chum nach beanadh an tì a sgrios na ciad-ghin riùsan.

Agus gu Iosa, eadar-mheadhonair a’ choicheangail nuaidh, agus gu fuil a’ chrathaidh, a tha a’ labhairt nithean as fheàrr na fuil Abeil.

Bha, mas eadh, gu dearbh aig a’ chiad phàillean òrdaighean a‑thaobh seirbhis Dhè, agus naomh-ionad saoghalta.

Cia mòr as mò a nì fuil Chrìosd, a thug e fhèin suas tre an Spiorad shìorraidh gun lochd do Dhia, ur cogais-se a ghlanadh o obraichean marbha a‑chum seirbhis a dhèanamh don Dia bheò?

Oir nuair a labhradh gach uile àithne a rèir an lagha ris an t‑sluagh uile le Maois, air dha fuil laogh agus ghobhar a ghabhail, maille ri uisge, agus olainn sgàrlaid, agus hiosop, chrath e iad araon air an leabhar agus air an t‑sluagh uile,

Agus tàrlaidh, ge bè neach a thèid a‑mach air dorsan do thaighe don t‑sràid, gum bi a fhuil air a cheann fhèin, agus bidh sinne neochiontach: agus ge bè neach a bhios maille riut anns an taigh, bidh a fhuil air ar ceann-ne ma bheanas làmh ris.

A thaghadh a rèir ro‑eòlas Dhè an t‑Athair, tre naomhachadh an Spioraid, a‑chum ùmhlachd, agus crathadh fuil Iosa Crìosd: gràs agus sìth gu robh air am meudachadh dhuibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan