Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus cumaidh sibh fèill an arain neo-ghortaichte; oir air an là sin fhèin thug mise a‑mach ur slòigh à tìr na h‑Eiphit; uime sin coimheadaidh sibh an là seo nur ginealaichean, le òrdagh sìorraidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e.

Agus gleidhidh sibh an nì seo mar òrdagh dhuibh fhèin agus dur mic gu sìorraidh.

Agus aig ceann nan ceithir cheud agus nan deich-bliadhna-fichead, air an là sin fhèin chaidh slòigh an Tighearna uile a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh-là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.

Air an adhbhar sin coimheadaidh tu an t‑òrdagh seo na thràth fhèin o bhliadhna gu bliadhna.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Agus innsidh tu dod mhac anns an là sin, ag ràdh, Nìthear seo air sgàth an nì sin a rinn an Tighearna dhòmhsa, nuair a thàinig mi a‑mach as an Eiphit.

Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.

Is iad seo an t‑Aaron agus am Maois ud, ris an dubhairt an Tighearna, Thugaibh a‑mach clann Israeil à tìr h‑Eiphit, a rèir an slògh.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.

Chan ith thu aran gortaichte sam bith leatha: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte leatha, eadhon aran àmhghair; (oir le cabhaig thàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit;) a‑chum gun cuimhnich thu an là air an tàinig thu a‑mach à tìr na h‑Eiphit, uile làithean do bheatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan