Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air a’ chiad là bidh agaibh co‑ghairm naomh, agus air an t‑seachdamh là bidh agaibh co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèanar orra, saor o na dh’ithear leis gach neach; sin a‑mhàin nìthear leibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Seo an nì a labhair an Tighearna, Bidh fois na sàbaid naoimh don Tighearna a‑màireach: a mheud is a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an‑diugh, agus a mheud is a tha sibh gu bhruithe, bruithibh; agus gach nì a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fhèin gu madainn.

Faicibh, do bhrìgh gun tug an Tighearna dhuibh an t‑sàbaid, air an adhbhar sin tha e a’ tabhairt dhuibh air an t‑siathamh là aran dà là: fanaibh, gach duine na àite fhèin; na rachadh duine sam bith a‑mach as a àit air an t‑seachdamh là.

Agus air an t‑siathamh là ullaichidh iad an nì sin a bheir iad a‑steach, agus bidh e a dhà uimhir agus a chruinnicheas iad gach là eile.

Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan:

Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.

Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho-chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh.

Agus gairmidh sibh air an là sin fhèin, a‑chum is gum bi e na cho-ghairm naomh dhuibh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air; bidh e na reachd sìorraidh nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile air feadh ur ginealaichean.

Mar an ceudna air an deicheamh là den t‑seachdamh mìos seo bidh là rèite; bidh e na cho-ghairm naomh dhuibh, agus cràidhidh sibh ur n‑anaman, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh: obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

Air a’ chiad là bidh co‑ghairm naomh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air;

Agus air an t‑seachdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.

Mar an ceudna air là nan ciad-thoradh, nuair a bheir sibh seachad tabhartas-bìdh nuadh don Tighearna, aig ceann ur seachdainean, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh:

Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e.

Agus air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh; agus gleidhidh sibh fèill don Tighearna seachd làithean.

An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.

Sia làithean ithidh tu aran gun ghortachadh; agus air an t‑seachdamh là bidh àrd cho-chruinneachadh don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan