Ecsodus 12:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bidh an là seo dhuibh mar chuimhneachan; agus gleidhidh sibh e na là‑fèille don Tighearna air feadh ur ginealaichean; le òrdagh sìorraidh gleidhidh sibh e. Faic an caibideil |
Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.