Agus mar seo ithidh sibh e; le ur leasraidh crioslaichte, ur brògan air ur casan, agus ur lorg nur làimh: agus ithidh sibh e le cabhaig; is i càisg an Tighearna a tha ann.
Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.
An sin ghairm Maois air seanairean Israeil uile, agus thubhairt e riu, Tàirngibh a‑mach, agus gabhaibh dhuibh fhèin uan, a rèir ur teaghlaichean, agus marbhaibh a’ chàisg.
Gun abair sibh, Seo ìobairt càisg an Tighearna, a chaidh thairis air taighean chloinn Israeil anns an Eiphit, nuair a bhuail e na h‑Eiphitich, agus a shaor e ar taighean-ne. Agus chrom an sluagh iad fhèin, agus rinn iad adhradh.
Oir chan ann le cabhaig a thèid sibh a‑mach, agus chan ann le teicheadh a shiùbhlas sibh; oir gluaisidh an Tighearna romhaibh, agus cuartaichidh Dia Israeil sibh on taobh chùil.
Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, anns a’ chiad mhìos den dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,
Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:
Agus sheas i aig a chasan air a chùlaibh a’ gul, agus thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn, agus phòg i a chasan, agus dh’ung i leis an ola iad.
Glanaibh a‑mach uime sin an t‑seann taois ghoirt, a‑chum gum bi sibh nur meall nuadh, mar a tha sibh neo-ghortaichte. Oir tha eadhon Crìosd ar n‑uan-càisge air ìobradh air ar son.
Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche.
Uime sin crioslaichibh leasraidh ur n‑inntinn, bithibh measarra, agus biodh dòchas diongmhalta agaibh as a’ ghràs a bheirear dhuibh aig foillseachadh Iosa Crìosd;