Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chan fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine sam bith dheth gu madainn.

Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt-sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.

Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.

Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.

Anns an là sin fhèin anns an ìobair sibh i ithear i, agus air an là màireach: agus ma mhaireas a’ bheag dhith gus an treas là, loisgear anns an teine e;

Air an là sin fhèin ithear suas i, chan fhàg sibh a’ bheag dhith gu madainn: Is mise an Tighearna.

Chan fhàg iad a’ bheag dhith gu madainn, cha mhò a bhriseas iad cnàimh dhith: a rèir uile òrdaighean na càisge cumaidh iad i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan