Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 12:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair an Tighearna ri Maois agus ri Aaron ann an tìr na h‑Eiphit, ag ràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.

Agus chùm clann Israeil, a bha an làthair, a’ chàisg anns an àm sin, agus fèill an arain neo-ghortaichte, seachd làithean.

Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.

Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban-choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir.

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ithidh sibh aran neo-ghortaichte, gu ruig an ciad là ar fhichead den mhìos anns an fheasgar.

Bidh am mìos seo dhuibh na thoiseach nam mìos: bidh e dhuibh na chiad mhìos na bliadhna.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos, bidh a’ chàisg agaibh, fèill seachd làithean; ithear aran gun ghortachadh.

Agus air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos tha càisg an Tighearna.

Cumadh, mar an ceudna, clann Israeil a’ chàisg na h‑àm suidhichte fhèin.

Anns a’ cheathramh-là‑deug den mhìos seo, air feasgar, cumaidh sibh i na h‑àm suidhichte fhèin, a rèir a h‑òrdaighean uile, agus a rèir a deas-ghnàthan uile, cumaidh sibh i.

Agus chùm iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos air feasgar, ann am fàsach Shinài: a rèir gach nì a dh’àithn an Tighearna do Mhaois, mar sin rinn clann Israeil.

Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo-ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.

A‑nis dhruid riu fèill an arain neo-ghortaichte, den goirear a’ chàisg.

Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.

Agus thàinig duine le Dia a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An d’fhoillsich mise gu soilleir mi fhèin do thaigh d’athar, nuair a bha iad anns an Eiphit, ann an taigh Phàraoh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan