Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.
Agus dh’èirich Phàraoh anns an oidhche, e fhèin agus a sheirbhisich uile, agus na h‑Eiphitich uile; agus bha èigheach mhòr anns an Eiphit: oir cha robh taigh anns nach robh neach marbh.
Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.
Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.
Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann.
Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna ag ràdh, gum bi fuaim èighich o gheata an èisg, agus ulartaich on dara baile, agus bruanadh mòr o na cnuic.
An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.