Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach craobhan nan smeur, an sin gluaisidh tu thu fhèin; oir an sin thèid an Tighearna a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach.
Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon-oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh.
Oir thèid mise tro thìr na h‑Eiphit air an oidhche seo, agus buailidh mi gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, araon duine agus ainmhidh: agus an aghaidh diathan nan Eiphiteach uile cuiridh mi breitheanas an gnìomh; is mise an Tighearna.
Agus thèid an Tighearna thairis a bhualadh nan Eiphiteach; agus nuair a chì e an fhuil air an àrd-doras, agus air an dà ursainn, thèid an Tighearna thairis air an doras, agus cha leig e leis a’ mhilltear teachd a‑steach dur taighean gu ur bualadh.
Agus air meadhon na h‑oidhche sin fhèin bhuail an Tighearna gach ciad-ghin ann an tìr na h‑Eiphit, o chiad-ghin Phàraoh a shuidh air a rìgh-chathair, gu ciad-ghin a’ chiomaich a bha ann an sloc a’ phrìosain; agus gach ciad-ghin ainmhidh.
Mar threun-fhear thèid an Tighearna a‑mach; mar fhear-cogaidh dùisgidh e suas eud: glaodhaidh e, seadh togaidh e iolach; nì e gaisge an aghaidh a naimhdean.
Chuir mi nur measg a’ phlàigh, a rèir nòs na h‑Eiphit; mharbh mi ur n‑òganaich leis a’ chlaidheamh, agus thug mi air falbh ur n‑eich, agus thug mi air droch fhàile ur campa teachd a‑nìos gu ur pollairean: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.
Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.