Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 11:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug an Tighearna deagh-ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Eiphiteach. Mar an ceudna, bha an duine Maois ro‑mhòr ann an tìr na h‑Eiphit, ann an sùilean seirbhisich Phàraoh, agus ann an sùilean an t‑sluaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Agus bha mi maille riut anns gach àite don deachaidh tu, agus gheàrr mi as do nàimhdean uile od fhianais, agus rinn mi dhut ainm mòr, mar ainm nan daoine mòra a tha air an talamh.

Oir bha Mordecai mòr ann an taigh an rìgh, agus chaidh a iomradh a‑mach air feadh nam mòr-roinn uile; oir dh’fhàs an duine seo Mordecai na bu mhò agus na bu mhò.

Agus fhuair e truas dhaibh ann an sealladh na muinntir sin a thug leo nam braighdean iad.

Agus rinn clann Israeil a rèir facal Mhaois: agus dh’iarr iad o na h‑Eiphitich seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach.

Agus thug an Tighearna deagh-ghean don t‑sluagh ann an sùilean nan Eiphiteach, agus thug iad an coingheall dhaibh: agus chreach iad na h‑Eiphitich.

Agus bheir mise don t‑sluagh seo deagh-ghean ann an sealladh nan Eiphiteach: agus tàrlaidh, nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh;

Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.

Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Eiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan.

Agus cha d’èirich fàidh o sin ann an Israel cosmhail ri Maois, neach a b’aithne don Tighearna aghaidh ri aghaidh;

Anns na h‑uile chomharraidhean, agus iongantasan a chuir an Tighearna e a dhèanamh ann an tìr na h‑Eiphit, air Phàraoh, agus air a sheirbhisich uile, agus air a fhearann uile,

Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.

Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan