Labhair a‑nis ann an cluasan an t‑sluaigh, agus iarradh gach duine o a choimhearsnach, agus gach bean o a ban-choimhearsnaich, seudan airgid agus seudan òir.
Agus thug an seirbhiseach an làthair seudan airgid agus seudan òir, agus aodach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithean luachmhor da bràthair agus da màthair.
Ach iarraidh gach bean o a ban-choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Eiphitich.
Agus thubhairt mi riu, Gach neach aig a bheil a’ bheag de òr briseadh e dheth e: agus thug iad dhomh e, agus thilg mi anns an teine e, agus thàinig a‑mach an laogh seo.
Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosan-muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna.