Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.
Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.
Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn-sa iad.
Ciod mas e, air a bhith do Dhia toileach a fhearg a nochdadh, agus a chumhachd a dhèanamh aithnichte, gun d’fhuiling e le mòr fhad-fhulangas soithichean na feirge air an ullachadh a‑chum sgrios:
Ach cha leigeadh Sihon, rìgh Hesboin, leinn dol tro a fhearann: oir chruadhaich an Tighearna do Dhia a spiorad, agus rinn e a chridhe rag, a‑chum gun tugadh e thairis e dod làimh, mar a chìthear air an là‑an‑diugh.
Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.
Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad?