Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh Maois agus Aaron a‑rìs gu Phàraoh: agus thubhairt e riu, Rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia: ach cò iad a thèid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron le cabhaig, agus thubhairt e, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna ur Dia, agus nur n‑aghaidh-se.

Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh-se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh.

Agus ghairm e air Maois agus air Aaron anns an oidhche, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach à meadhon mo shluaigh, araon sibhse agus clann Israeil: agus rachaibh, dèanaibh seirbhis don Tighearna, mar a thubhairt sibh.

Agus ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh dur Dia anns an tìr.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan