Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt seirbhisich Phàraoh ris, Cia fhada a bhios an duine seo na ribe dhuinne? Leig leis na daoine falbh, a‑chum gun dèan iad seirbhis don Tighearna an Dia: nach eil fhios agad fhathast gu bheil an Eiphit air a milleadh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Agus thug na h‑Eiphitich dian-sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir.

Cha ghabh iad còmhnaidh ad thìr, air eagal gun toir iad ort peacachadh am aghaidh-sa le seirbhis a dhèanamh dan diathan; agus gum bi sin na ribe dhut.

Agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna, nuair a shìneas mi a‑mach mo làmh air an Eiphit, agus a bheir mi a‑mach clann Israeil o bhith nam measg.

An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Ann an easaontas droch dhuine tha ribe; ach seinnidh am fìrean, agus bidh e aoibhneach.

Agus fhuair mi nas seirbhe na am bàs a’ bhean aig a bheil a cridhe na ribeachan agus na lìontan, agus a làmhan nan ceanglaichean: ge bè neach a thaitneas ri Dia, thèid e as uaipe; ach glacar am peacach leatha.

Chan adhlaicear thu nan co‑chuideachd-san, a chionn gun do sgrios thu do dhùthaich, gun do mharbh thu do dhaoine: cha bhi iomradh gu bràth air sliochd dhroch dhaoine.

Dùisg, dùisg, cuir umad neart, O ghàirdein an Tighearna; dùisg, mar anns na làithean o shean, anns na h‑aimsirean o chian. Nach tusa a gheàrr Rahab, a lot an dràgon?

Tha Mòab air a mhilleadh, thug a chlann bheag air an gaoir a bhith air a cluinntinn.

Thuit Bàbilon gu h‑obann, agus mhilleadh i; guilibh os a cionn; gabhaibh ìoc airson a leòin, ma dh’fhaodar mar sin a leigheas.

Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre.

Agus seo tha mi a’ labhairt a‑chum ur tairbhe fhèin; chan ann a‑chum gun cuirinn ribe oirbh, ach a‑chum an nì sin a tha ciatach, agus gum feitheadh sibh air an Tighearna gun bhuaireadh.

Biodh fios cinnteach agaibh nach fuadaich an Tighearna ur Dia tuilleadh aon air bith de na cinnich sin a‑mach romhaibh; ach bidh iad dhuibh nan ribe, agus nan ceap-tuislidh, agus nan sgiùrsadh nur taobhan, agus nam bioran nur sùilean, gus an tèid as dhuibh bhàrr an fhearainn mhaith seo a thug an Tighearna ur Dia dhuibh.

Agus thubhairt Saul, Bheir mi dha i, a‑chum gum bi i dha na ribe, agus gum bi làmh nam Philisteach na aghaidh. Uime sin thubhairt Saul ri Daibhidh, Le aon den dithis bidh tu ad chliamhainn agamsa an‑diugh.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach, agus thubhairt iad, Cuiribh air falbh àirc Dia Israeil, agus rachadh i air a h‑ais da h‑àite fhèin, a‑chum nach marbh i sinn fhèin agus ar sluagh: oir bha sgrios bàis anns a’ bhaile uile; bha làmh Dhè ro‑throm an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan