Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Eiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Chan ann mar sin: imichibh a‑nis, sibhse a tha nur daoine, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna, oir is e seo an nì a dh’iarr sibh. Agus dh’fhuadaicheadh a‑mach iad à làthair Phàraoh.

Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Eiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh.

Agus thig iad sin do sheirbhisich uile sìos am ionnsaigh-sa, agus cromaidh iad iad fhèin dhomh, ag ràdh, Imich a‑mach, agus an sluagh uile a tha gad leantainn; agus an dèidh sin thèid mi a‑mach. Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh ann an corraich mhòir.

Ach mura leig thu lem shluagh imeachd, feuch, cuiridh mi sgaoth chuileag ort fhèin, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh, agus ann ad thaighean: agus lìonar taighean nan Eiphiteach leis an sgaoth chuileag, agus mar an ceudna an talamh air a bheil iad.

Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar-leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair-fhuinidh.

Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.

Mar seo bha clach-mheallain ann, agus teine measgte leis a’ chloich-mheallain, ro‑mhòr, aig nach robh a samhail ann an tìr na h‑Eiphit uile o rinneadh dùthaich dhith.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh anns a’ bhaile: ruithidh iad air a’ bhalla: streapaidh iad suas do na taighean: thèid iad a‑steach air na h‑uinneagan mar mhèirleach.

Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan