Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Eiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach-mheallain.

Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas.

An nì sin a dh’fhàg a’ phailm-chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh-bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh-bheist, dh’ith am burras.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Romhpa tha teine ri sgrios, agus nan dèidh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein romhpa, agus nan dèidh na fhàsach uaigneach; seadh, cha bhi dol as aig aon nì uapa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan