Ecsodus 10:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach gu Phàraoh, agus thubhairt iad ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Cia fhada a dhiùltas tu thu fhèin ìsleachadh am làthair-sa? Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh: Faic an caibideil |
A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.
A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.
Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil.