Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:
Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.
Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Eiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Eiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.
Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd: