Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu, mar an ceudna, ìobairtean a thoirt dhuinn, agus tabhartasan-loisgte, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh-se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh.

Agus, mar an ceudna, thèid ar sprèidh maille rinn; chan fhàgar ionga nar dèidh, oir is èiginn dhuinn gabhail dhiubh gu seirbhis a dhèanamh don Tighearna ar Dia; agus chan eil fhios againn cia leis a nì sinn seirbhis don Tighearna, gus an tig sinn an sin.

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Agus bheir Aaron leis am boc air an do thuit an crann airson an Tighearna, agus ìobraidh e e mar ìobairt-pheacaidh.

Agus thog Aaron suas a làmhan a‑chum an t‑sluaigh, agus bheannaich e iad: agus thàinig e a‑nuas o ìobradh na h‑ìobairt-pheacaidh, agus na h‑ìobairt-loisgte, agus nan ìobairtean-sìthe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan