Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm Phàraoh air Maois, agus thubhairt e, Rachaibh-se, dèanaibh seirbhis don Tighearna: a‑mhàin fanadh ur treudan agus ur buar; rachadh ur clann bheag mar an ceudna maille ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Nach leinne an sprèidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? A‑mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnaidh maille rinn.

Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu, mar an ceudna, ìobairtean a thoirt dhuinn, agus tabhartasan-loisgte, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

Agus ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Rachaibh, ìobraibh dur Dia anns an tìr.

Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.

An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.

Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan