Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shìn Maois a‑mach a làmh gu nèamh: agus bha tiugh-dhorchadas ann an tìr na h‑Eiphit uile rè trì làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Anns an là coinnichidh iad dorchadas; agus mar anns an oidhche smeuraichidh iad mu mheadhon-là.

Chuir e a‑mach dorchadas, agus bha dorchadas ann; agus cha do rinn iad ceannairc an aghaidh a fhacail.

Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.

Agus seallaidh e air an talamh, agus feuch teanntachd agus doilleireachd; dubhar an àmhghair, agus tiugh-dhorchadas.

Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas.

Uile sholais dhealrach nèimh nì mi dorcha os do chionn, agus cuiridh mi dorchadas air d’fhearann, deir an Tighearna Dia.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Oir feuch, esan a dhealbhas na slèibhtean, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas do dhuine ciod as smuaintean dha; esan a nì a’ mhadainn na dorchadas, agus a shaltras air ionadan àrda na talmhainn, Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm.

Agus chùm mi uaibh mar an ceudna an t‑uisge, nuair a bha fhathast trì mìosan gu fogharadh; agus thug mi air frasadh air aon bhaile, agus gun fhrasadh air baile eile; air aon chuid thàinig an t‑uisge; agus a’ chuid eile air nach tàinig an t‑uisge, shearg e.

Agus thàinig sibh an fagas, agus sheas sibh fon t‑sliabh; agus bha an sliabh a’ losgadh le teine gu meadhon nèimh, maille ri duibhre, neòil, agus dubh-dhorchadas.

Na briathran sin labhair an Tighearna ri ur coitheanal uile anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, an neòil agus an dubh-dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhòmhsa iad.

Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan