Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thionndaidh an Tighearna gaoth an iar ro‑làidir, a thug air falbh na lòcaist, agus a thilg iad anns a’ mhuir ruaidh: cha d’fhan aon lòcast ann an crìochan na h‑Eiphit uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mar sgàil a’ claonadh sìos tha mi a’ siubhal; tha mi air m’fhuadachadh mar an lòcast.

Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.

Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.

Ach threòraich Dia an sluagh mun cuairt, air slighe fàsach na mara ruaidhe: agus chaidh clann Israeil suas ann an òrdagh catha à tìr na h‑Eiphit.

Carbadan Phàraoh agus a armailt thilg e anns an fhairge; agus tha rogha a cheannardan air am bàthadh anns an fhairge ruaidh.

Ach atharraichidh mi am fad uaibh feachd na h‑àird a tuath, agus fògraidh mi e gu fearann falamh fàsail, a thoiseach gus an fhairge an ear, agus a dheireadh gus an fhairge an iar; agus thig a bhrèine a‑nìos, agus èiridh a dhroch fhàile, a chionn gun do mhaoidh e nithean mòra.

Tre chreideamh chaidh iad tre an mhuir ruaidh, mar tre thalamh tioram: nì nuair a thug na h‑Eiphitich ionnsaigh air a dhèanamh, bhàthadh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan