A‑nis uime sin maith, guidheam ort, mo pheacadh a‑mhàin an uair seo, agus guidhibh air an Tighearna ur Dia gun toir e air falbh uam a‑mhàin am bàs seo.
Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.
Agus thaom iad a‑mach do na daoine gu ithe; agus nuair a bha iad ag ithe den bhrochan, ghlaodh iad, agus thubhairt iad, Bàs anns a’ phoit, a dhuine le Dia. Agus cha b’urrainn iad ithe dheth.
Agus thubhairt Phàraoh, Leigidh mi dhuibh imeachd, a‑chum is gun ìobair sibh don Tighearna ur Dia anns an fhàsach; ach na rachaibh ro‑fhada air astar: guidhibh air mo shon-sa.
An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.
Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus ghairm e air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e riu, Pheacaich mi an uair seo: tha an Tighearna ceart, agus mise agus mo shluagh aingidh.
Guidhibh-se air an Tighearna (oir is leòr e) nach bi tàirneanach anabarrach agus clach-mheallain ann nas mò; agus leigidh mise leibh falbh, agus chan fhan sibh nas fhaide.
Uime sin thàinig an sluagh a dh’ionnsaigh Mhaois, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, oir labhair sinn an aghaidh an Tighearna, agus ad aghaidh-sa; guidh air an Tighearna gun toir e air falbh uainn na nathraichean. Agus ghuidh Maois airson an t‑sluaigh.
A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;