Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

A thug e an toradh don bhurras, agus an saothair don lòcast;

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Eiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach-mheallain.

Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.

Chan eil rìgh aig na lòcaist, gidheadh imichidh iad a‑mach uile nam buidhnean.

An nì sin a dh’fhàg a’ phailm-chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh-bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh-bheist, dh’ith am burras.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Agus thàrladh nuair a chuir iad crìoch air ithe luibhean na tìre, gun dubhairt mise, O Thighearna Iehòbhah, maith, guidheam ort; cò a thogas suas Iàcob? Oir tha e ro‑bheag.

Chuir e teachdairean uime sin gu Balàam mac Bheoir, gu Petor, a tha làimh ri abhainn dùthaich clann a shluaigh, ga ghairm, ag ràdh, Feuch, tha sluagh air teachd a‑mach as an Eiphit: feuch, tha iad a’ còmhdachadh aghaidh na talmhainn, agus tha iad nan còmhnaidh thall fam chomhair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan