Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 10:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Sìn a‑mach do làmh thar tìr na h‑Eiphit, airson nan lòcast, a‑chum is gun tig iad suas air tìr an h‑Eiphit, agus gun ith iad uile luibh na talmhainn, eadhon gach nì a dh’fhàg a’ chlach-mheallain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Labhair e, agus thàinig lòcaist agus burrais, agus sin gun àireamh.

Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, Abair ri Aaron, Gabh do shlat, agus sìn a‑mach do làmh air uisgeachan na h‑Eiphit, air an aibhnichean, air an sruthan, agus air an lochan, agus air uile cho-chruinneachadh an uisgeachan, a‑chum is gum fàs iad nam fuil: agus bidh fuil air feadh tìr na h‑Eiphit uile, araon ann an soithichean fiodha, agus ann an soithichean cloiche.

Ach cha do bhuaileadh an cruithneachd agus an seagal: oir cha robh iad air fàs suas.

Agus thàinig a‑mach as an deataich air an talamh, lòcaist; agus thugadh cumhachd dhaibh, a rèir mar a tha cumhachd aig scorpionan na talmhainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan