Agus thubhairt Dia, Thugadh na h‑uisgeachan a‑mach gu pailt an creutair gluasadach anns a bheil beatha, agus biodh eunlaith ag itealaich os cionn na talmhainn air aghaidh speuran nèimh.
Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.
Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.
Agus thug e leis a‑mach e, agus thubhairt e, Amhairc a‑nis suas gu nèamh, agus àireamh na reultan, mas urrainn thu an àireamh: agus thubhairt e ris, Mar seo bidh do shliochd.
Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.
Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;
Agus chaidh e air imrich as a sin, agus chladhaich e tobar eile; agus cha do rinn iad connsachadh uime sin: agus thug e Rehobot mar ainm air; agus thubhairt e, Oir thug an Tighearna a‑nis farsaingeachd dhuinn; agus fàsaidh sinn lìonmhor anns an tìr.
Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;
Agus bidh do shliochd mar dhuslach na talmhainn; agus sgaoilidh tu a‑mach a dh’ionnsaigh na h‑àird an iar agus na h‑àird an ear, agus a dh’ionnsaigh na h‑àird a tuath agus na h‑àird a deas: agus beannaichear annadsa uile theaghlaichean na talmhainn, agus ann ad shliochd.
Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.
An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.
Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh.
Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reultan nan nèamh, agus thug thu iad don tìr mun dubhairt thu ri an athraichean, gun rachadh iad a‑steach ga sealbhachadh.
Thug mi ort fàs lìonmhor mar chinneas na faiche, agus dh’fhàs thu lìonmhor agus mòr; agus thàinig thu gu sgeadachadh maiseach: tha do chìochan air an cumadh, agus do ghruag air fàs, an àite dhut a bhith rùisgte agus lom.
Thagh Dia a’ phobaill seo, Israel, ar n‑athraichean, agus dh’àrdaich e am poball nuair a bha iad air choigrich ann an tìr na h‑Eiphit, agus le làimh àird thug e iad a‑mach aisde.
Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor: