Agus na h‑anaman uile a thàinig a‑mach à leasraidh Iàcoib, bu deich agus trì-fichead anam iad; oir bha Iòseph anns an Eiphit cheana.
Agus ghabh Iòseph còmhnaidh anns an Eiphit, e fhèin agus teaghlach a athar: agus bha Iòseph beò ceud agus deich bliadhna.
Uime sin, bhuin Dia gu math ris na mnathan-glùine: agus rinneadh an sluagh lìonmhor, agus dh’fhàs iad ro‑chumhachdach.
Dan, agus Naphtali, Gad, agus Aser.
An sin chuir Iòseph fios uaithe, agus ghairm e da ionnsaigh Iàcob athair, agus a luchd-dàimhe uile, còig-anaman-deug agus trì-fichead.
Le deich agus trì-fichead anam chaidh d’athraichean sìos don Eiphit; agus a‑nis rinn an Tighearna do Dhia thu mar reultan nèimh a‑thaobh lìonmhorachd.
Agus bha aig Gideon deichnear agus trì-fichead mac a thàinig o a leasraidh fhèin; oir bha mòran bhan aige.