Agus thubhairt e, Nuair a nì sibh gnìomh mnà-glùine do na mnathan Eabhraidheach, agus a chì sibh iad air na stòlan; mas mac a bhios ann, an sin marbhaidh sibh e, ach mas nighean a bhios ann, bidh i beò.
Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach.
Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.
Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh.