Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 1:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm rìgh na h‑Eiphit air na mnathan-glùine, agus thubhairt e riu, Carson a rinn sibh an nì seo, agus a ghlèidh sibh a’ chlann-mhac beò?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.

Ach bha eagal Dhè air na mnathan-glùine, agus cha do rinn iad mar a dh’àithn rìgh na h‑Eiphit dhaibh, ach ghlèidh iad a’ chlann-mhac beò.

Agus thubhairt na mnathan-glùine ri Phàraoh, A chionn nach eil na mnathan Eabhraidheach mar na mnathan Eiphiteach: oir tha iad fhèin beothail, agus air an asaid mun tig na mnathan-glùine a‑steach dan ionnsaigh.

Far a bheil facal rìgh, tha cumhachd; agus cò a dh’fhaodas a ràdh ris, Ciod e sin a tha thu a’ dèanamh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan