Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;
Agus shuidhich Iòseph a athair, agus a bhràithrean, agus thug e dhaibh sealbh ann an tìr na h‑Eiphit, anns a’ chuid as fheàrr den fhearann, ann am fearann Rameseis, mar a dh’àithn Phàraoh.
Agus na h‑uile bhailtean ionmhais a bha aig Solamh, agus bailtean a charbad, agus bailtean a mharc-shluaigh, agus miann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an tìr a thighearnais uile.
Agus dh’èisd Benhadad ri rìgh Asa, agus chuir e ceannardan nan armailt a bha aige an aghaidh bailtean Israeil; agus bhuail iad Ion, agus Dan, agus Abel-maim, agus uile bhailtean-ionmhais Naphtali.
Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.
Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean.
Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.
Agus chaidh maighistirean-obrach an t‑sluaigh a‑mach, agus an luchd-riaghlaidh, agus labhair iad ris an t‑sluagh, ag ràdh, Mar seo tha Phàraoh ag ràdh, Cha toir mi dhuibh connlach.
Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.
Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean.