Ecsodus 1:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Thigibh, buineamaid gu seòlta, air eagal gum fàs iad lìonmhor, agus gun tachair e, nuair a dh’èireas cogadh, gun gabh iadsan mar an ceudna le ar naimhdean-ne, agus gun cog iad nar n‑aghaidh, agus gun tèid iad a‑mach as an tìr. Faic an caibideil |
Thig a‑nis uime sin, guidheam ort, mallaich dhòmhsa an sluagh seo, oir tha iad tuilleadh is cumhachdach air mo shon: theagamh gur urrainn mi am bualadh, agus gum fuadaich mi iad a‑mach as an dùthaich; oir tha fhios agam gu bheil esan a bheannaicheas tusa beannaichte, agus esan a mhallaicheas tu mallaichte.
Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?