A‑nis is iad seo ainmean chloinn Israeil, a thàinig don Eiphit; thàinig gach duine agus a theaghlach maille ri Iàcob:
Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun tugadh fuath do Lèah, dh’fhosgail e a bolg: ach bha Rachel gun chloinn.
Agus nuair a bha a h‑anam a’ dealachadh rithe (oir fhuair i bàs), thug i Ben-oni mar ainm air: ach thug a athair mar ainm air Beniàmin.
Agus mic Iòseiph a rugadh dha anns an Eiphit, bu dà anam iad: uile anaman taigh Iàcoib, a thàinig don Eiphit, bu trì-fichead is a deich iad.
Reuben, Simeon, Lèbhi, agus Iùdah,
Sia den ainmean air aon chloich, agus sia ainmean chàich air a’ chloich eile, a rèir an sinead.
A‑nis is iad seo ainmean nan treubh. On cheann mu thuath gu iomall slighe Hetloin, mar a thèid neach gu Hamat, Hasarenan, crìoch Dhamascais mu thuath, gu iomall Hamait (oir is iad seo a thaobhan an ear agus an iar), bidh aon roinn aig Dan.