Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 9:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chaidh as mar an ceudna a‑nis dan gràdh, agus dam fuath, agus dam farmad; agus cha bhi cuibhreann aca tuilleadh gu bràth ann an aon nì a nìthear fon ghrèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

A‑nis dh’èirich rìgh ùr air an Eiphit, do nach b’aithne Iòseph.

Bidh dùil nam fìrean na adhbhar aoibhneis; ach thèid as do dhòchas nan aingidh.

Agus gach nì a mhiannaich mo shùilean cha do chùm mi uapa; cha do bhac mi mo chridhe o shubhachas sam bith: oir rinn mo chridhe aoibhneas ann am shaothair uile; agus b’e seo mo chuibhreann dem uile shaothair.

Uime sin tha mi ag aithneachadh nach eil nì as fheàrr na gun dèanadh duine gàirdeachas na obraichean, a chionn gur e sin a chuibhreann: oir cò a bheir e a dh’fhaicinn an nì a bhios na dhèidh?

Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin?

Oir chuir mi romham ann am chridhe seo uile a chur an cèill, Gu bheil na fìreanan agus na daoine glice, agus an obraichean, ann an làimh Dhè: chan aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh no fuath, leis na h‑uile nithean a tha fan comhair.

Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd-àiteachaidh an t‑saoghail.

Ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus imich gu talamh Israeil: oir fhuair an dream a bha ag iarraidh anam an leinibh bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan