Thubhairt Hàman mar an ceudna, Os bàrr, cha tug Ester a’ bhànrighinn duine air bith a‑steach maille ris an rìgh a dh’ionnsaigh na cuirme a dheasaich i, ach mi fhèin; agus mar an ceudna a‑màireach, tha mi air mo chuireadh leatha maille ris an rìgh.
Uime sin tha mi ag aithneachadh nach eil nì as fheàrr na gun dèanadh duine gàirdeachas na obraichean, a chionn gur e sin a chuibhreann: oir cò a bheir e a dh’fhaicinn an nì a bhios na dhèidh?
Oir cò aig a bheil fhios ciod a tha math do dhuine anns a’ bheatha seo, rè uile làithean a bheatha dhìomhain a chaitheas e mar sgàil? Oir cò as urrainn innse do dhuine ciod a bhios na dhèidh fon ghrèin?
Ann an là an t‑soirbheachaidh bi subhach, ach ann an là an doirbheis smaoinich: rinn Dia mar an ceudna seo fa chomhair siud, a‑chum nach faigheadh duine a‑mach aon nì na dhèidh.
Oir chuir mi romham ann am chridhe seo uile a chur an cèill, Gu bheil na fìreanan agus na daoine glice, agus an obraichean, ann an làimh Dhè: chan aithne do dhuine sam bith aon chuid gràdh no fuath, leis na h‑uile nithean a tha fan comhair.
Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.