Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh-san.
Tha sùilean an duine ghlic na cheann; ach imichidh an t‑amadan ann an dorchadas: gidheadh dh’aithnich mi mar an ceudna gun tachradh an t‑aon nì dhaibh uile.
Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son-se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;
Ach is ann do dhaoine foirfe a bhuineas biadh làidir, aig a bheil an ciadfathan, tre ghnàthachadh fada, air an cleachdadh ri eadar-dhealachadh a chur eadar math agus olc.