Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 8:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mar sin chunnaic mi na h‑aingidh adhlaicte, a thàinig agus a dh’imich o àit an naoimh, agus dhìochuimhnicheadh iad anns a’ chathair anns an do rinn iad mar sin: is dìomhanas seo mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Bidh iad mar asbhuain ron ghaoith, agus mar mholl a bheir an iomaghaoth leatha.

Dhìochuimhnicheadh mi mar dhuine marbh a’ dol à cuimhne; tha mi mar shoitheach briste.

Bidh cuimhne an fhìrein beannaichte; ach lobhaidh ainm nan aingidh.

Chan eil cuimhne air bith air na nithean a bha ann roimhe; cha mhò a bhios cuimhne air na nithean a tha ri teachd, acasan a thig nan dèidh.

Oir cha bhi cuimhne air an duine ghlic nas mò na air an amadan gu bràth; o dhìochuimhnichear na nithean a tha a‑nis ann uile anns na làithean a tha ri teachd: agus cionnas a dh’eugas an duine glic? Mar an t‑amadan.

Agus fhuaireadh innte duine bochd glic, agus theasairg e a’ chathair le a ghliocas; ach cha do chuimhnich neach air bith air an duine bhochd sin.

Oir tha fhios aig na beòthan gum faigh iad bàs: ach chan eil fhios nì air bith aig na mairbh, cha mhò tha luigheachd aca nas mò; oir thèid an cuimhne air dhìochuimhn.

O Thighearna, cuspair-dòchais Israeil, bidh amhluadh air gach aon a thrèigeas thu; sgrìobhar iad nan luchd-ceannairc as an talamh; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, tobar nan uisgeachan beò.

Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.

Agus chuir iad suas fianaisean brèige, a thubhairt, Chan eil an duine seo a’ sgur de labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh an ionaid naoimh seo, agus an lagha.

A‑nis bidh am fìrean beò tre chreideamh: ach ma thilleas neach sam bith air ais, cha bhi aig m’anamsa tlachd ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan