Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 7:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir mar fhuaim droighnich fo phoit, mar sin tha gàire an amadain: is dìomhanas seo mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Chuartaich iad mi mar bheachan; cuirear as iad mar theine droighnich; oir ann an ainm an Tighearna gearraidh mi as iad.

Mum mothaich ur coireachan teas on droighnich, bheir e air falbh iad mar le iomaghaoith, araon beò, agus na chorraich.

Ma nì duine glic strì ri duine amaideach, co‑dhiù a bhios fearg air, no nì e gàire, cha bhi fois ann.

Mu ghàire thubhairt mi, Is cuthach e; agus mu shùgradh, Ciod a nì e?

Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.

Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.

Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan