Is fheàrr èisdeachd ri achmhasan duine glic na gun èisdeadh duine ri òran amadan.
Buaileadh am fìrean mi, is coibhneas e; agus cronaicheadh e mi, is ola luachmhor e, nach bris mo cheann; oir fhathast bidh m’ùrnaigh mar an ceudna air an son nan àmhghairean.
Tha iadsan a tha nan suidhe anns a’ gheata a’ labhairt am aghaidh, agus tha mi am òran acasan a tha ag òl dibhe làidir.
Esan a nì tàir air facal, millear e; ach esan air am bi eagal ro àithne, gheibh e luigheachd.
Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram.
Drùdhaidh achmhasan nas mò air duine glic na ceud buille air amadan.
Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair.
Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid.
Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg;
Na cronaich fear-fochaid, air eagal gum fuathaich e thu: cronaich an duine glic, agus gràdhaichidh e thu.
Tha briathran nan daoine glice mar bhioran, agus mar thàirngean air an sparradh le uachdarain choitheanal, a thugadh le aon aodhaire.
Tha cridhe nan daoine glice ann an taigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an taigh an t‑subhachais.
Eisdear ri briathran dhaoine glice ann an ciùineas, nas mò na ri glaodh an tì a riaghlas am measg amadan.
A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.