A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.
Agus chaidh iad a‑mach mu mheadhon-là: ach bha Ben-hadad ag òl gus an robh e air mhisg anns na pàilleanan, e fhèin agus na rìghrean, eadhon an dà‑rìgh-dheug ar fhichead a bha ga chòmhnadh.
Nan teas cuiridh mise cuirm romhpa, agus cuiridh mi air mhisg iad a‑chum gun dèan iad aighear, agus gun caidil iad cadal sìorraidh, agus nach dùisg iad, arsa an Tighearna.
Agus cuiridh mise air mhisg a prionnsachan, agus a daoine glice, a cinn-fheadhna, agus a h‑uachdarain, agus a daoine cumhachdach; agus caidlidh iad cadal bithbhuan, agus cha dùisg iad tuilleadh, deir an Rìgh don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh.
Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne.
Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah.