Is fheàrr doilgheas na gàire; oir le dubhachas na gnùise nìthear an cridhe nas fheàrr.
Mun robh mi ann an àmhghar, chaidh mi air seachran; ach a‑nis tha mi a’gleidheadh d’fhacail.
Is math dhòmhsa gu robh mi ann an àmhghar, a‑chum gum fòghlamainn do reachdan.
Mu ghàire thubhairt mi, Is cuthach e; agus mu shùgradh, Ciod a nì e?
Tha cridhe nan daoine glice ann an taigh a’ bhròin, ach cridhe nan amadan ann an taigh an t‑subhachais.
Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.
Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis; oir sàsaichear sibh. Is beannaichte sibhse a tha a’ caoidh a‑nis: oir gàiridh sibh.
Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha sàthach: oir bidh acras oirbh. Is an‑aoibhinn dhuibhse a tha a’ gàireachdaich a‑nis: oir nì sibh bròn agus gul.
Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, nach eil ach rè sealain, ag obrachadh dhuinne trom-chudthrom glòire a tha nas ro‑anabarraiche agus sìor-mhaireannach;