Eclesiastes 7:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Is fheàrr dol do thaigh a’ bhròin na dol do thaigh na cuirme; oir is e sin crìoch nan uile dhaoine, agus gabhaidh am beò ga chridhe e. Faic an caibideil |
Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.