Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Eclesiastes 7:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na bi anabarrach fìreanta, agus na gabh ort a bhith ro‑ghlic: carson a sgriosadh tu thu fhèin?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus gu robh i taitneach don t-sùil, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.

Agus b’àill leis an duine fhaoin a bhith glic, ged as ann mar loth asail fhiadhaich a bheirear duine.

Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse.

Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin.

An d’fhuair thu mil? Ith nas leòr dhut dhith; air eagal gun làn-shàsaichear thu, agus gun sgeith thu i.

Agus tuilleadh, leo seo, a mhic, gabh rabhadh: air mòran leabhraichean a dhèanamh chan eil crìoch; agus tha mòran leughaidh na sgìos don fheòil.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh a’ togail àitean-adhlaic nam fàidhean, agus a’ dèanamh leacan-laighe nam fìrean maiseach.

Feuch, fàgar ur taigh agaibh na fhàsach.

Ach an obraichean uile tha iad a’ dèanamh a‑chum a bhith air am faicinn le daoine: nì iad am philactaraidhean leathann, agus iomall an aodaich mòr;

An sin thàinig deisciobail Eòin da ionnsaigh, ag ràdh, Carson a tha sinne agus na Pharasaich a’ trasgadh gu minig, agus nach eil do dheisciobail-sa a’ trasgadh?

Tha mi a’ trasgadh dà uair anns an t‑seachdain, tha mi a’ toirt deichimh as na h‑uile nithean a tha mi a’ sealbhachadh.

Oir tha mi a’ dèanamh fianais dhaibh, gu bheil eud aca a‑thaobh Dhè, ach chan ann a rèir eòlais.

Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn-diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach.

Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh.

Na mealladh neach air bith e fhèin: ma shaoileas neach air bith nur measg e fhèin a bhith glic anns an t‑saoghal seo, biodh e na amadan, a‑chum gum bi e glic.

Agus a‑rìs, Is aithne don Tighearna smuaintean nan daoine glice, gur dìomhain iad.

A‑thaobh eud, a’ dèanamh geur-leanmhainn air an eaglais; a rèir na fìreantachd a tha anns an lagh, neo-choireach.

Na mealladh aon neach ur duais uaibh le irioslachd thoileil, agus adhradh do ainglean, a’ fòirneadh a‑steach gu dàna a‑chum nan nithean nach faca e, gu dìomhain air a shèideadh suas le a inntinn fheòlmhoir fhèin;

Nithean gun amharas aig a bheil samhladh gliocais ann an adhradh fèin-thoile agus irioslachd, agus mì‑chaomhnadh a’ chuirp, chan ann an urram sam bith a‑chum sàsachadh na feòla.

A’ toirmeasg pòsaidh agus ag iarraidh biadhan a sheachnadh, a chruthaich Dia a‑chum an gabhail maille ri breith-buidheachais leòsan a tha a’ creidsinn, agus aig a bheil eòlas na fìrinn.

Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan